Sgòthan samhraidh os cionn Beinn Laoghail agus Caolas Thunga
Dearbh-aithne:QZP40_CARD_3732TUAIRISGEUL:'S e beinn iomallach anns a bheil 764 meatair a dh'àirde a th' ann am Beinn Laoghail ann an Cataibh, ceann an iar-thuath Gàidhealtachd na h-Alba.
'S e Corbett a th' innte suidhichte gu deas air Caolas Thunga, agus tha i a' toirt deagh sheallaidhean den chaolas, Loch Laoghail chun an ear agus Beinn Hòb chun an iar.
Tha cumadh sònraichte oirre air sgàth a ceithir binneanan creagach, agus dhiubh sin 's e An Caisteal a th' air an fhear as àirde.
Gu tuath air A' Chaisteal tha Sgòr Chaonasaid aig 712 meatair, gu deas tha a' Bheinn Bheag (744 m) agus chun an iar tha druim Sgòr a' Chèirich anns a bheil 644 m aig a' phìos as àirde. 'S e Sgòr Fionnaich aig àirde 568m an ceathramh binnean.
'S e baile beag oirthireach ann an ceann an iar-thuath Gàidhealtachd na h-Alba (anns a' phàirt an iar de shiorrachd Chataibh mar a bh' ann roimhe) a th' ann an Tunga (bhon t-seann Lochlannais Tunga).
A dh'aindeoin is na tha mòran den bheachd, chan eil e a' toirt iomradh air cumadh Caolas Thunga (ged a dh'fhaodar a ràdh gu bheil an caolas air "cumadh teanga") ach air 'tunga' briathrachas cruinn-eòlach a tha a' toirt iomradh air pìos talmhainn air cumadh teanga.
'S ann air a' phìos talmhainn seo, air a bheil am baille agus an caolas suidhichte, moirèin deireannach eigh-shruth Chalolas Thunga.ÀITE:Caolas ThungaSGÌRE:Tunga agus FàrrSIORRACHD/PARRAIST:CATAIBH: Cinn t-Sàile MhicAoidhNEACH-FIOSRACHAIDH:Highland LibrariesCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:35568KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath