Loch Uinnseort, Beinn Stac agus Arcail à Ceann Loch Biorbhaidh
Dearbh-aithne:QZP40_CARD_3739TUAIRISGEUL:Tha Loch Uinnseort suidhichte beagan gu deas air A' Pharbh, agus 's e fear dhe na lochan-mara as fhaide gu tuath air taobh an iar na h-Alba. Tha e ainmeil air sgàth port-iasgaich Ceann Loch Biorbhaidh, a tha eadar Loch Uinnseort agus Loch Clais a tha ri thaobh. Tha obair iasgach bhradan ann an Loch Clais, agus tuathanas mhaorach ann an Loch Uinnseort.
Tha Arcail suidhichte ann an fhìor oisean an iar-thuath de Ghàidhealtachd na h-Alba. Mar a co-bheinn Foinne Bheinn, tha a' bheinn air a dèanamh suas de chlach-eitig ghleansach Chambrianach, a chaidh a chur sìos mu 530 millean bliadhna air ais air stèidh mì-chòmhnard de ghneiss Leòdhasach.
'S e beinn suidhichte ann an siorrachd Chataibh a th' ann am Beinn Stac. Tha i 721 meatair (2365 troigh) a dh'àirde innte. Tha i an ear-dheas air Drochaid Lusaird agus an iar-thuath air Loch Mòr agus baile Luirg, air rathad an A838, agus dìreach an iar air Loch Stac tarsainn an A838.
'S e baile cala a th' ann an Ceann Loch Biorbhaidh ann an iar-thuath Chataibh ann an roinn na Gàidhealtachd ann an Alba. Ann an 2001 b' e 480 an t-àireamh-sluaigh.
Tha a' mhòr-chuid den ghnìomhachas ionadail stèidhichte air gnìomhhachas an iasgaich. Ged a tha a' chabhlach shoithichean a tha stèidhichte ann an Ceann Loch Biorbhaidh gu math beag, tha mòran shoithichean bho oirthir an Ear na h-Alba a' cur na tha iad a' glacadh air tìr ann an Ceann Loch Biorbhaidh.
'S e an ionad-làimhseachaidh mòr èisg an nì as cudromaiche sa bhaile. Às an seo, tha luchdan èisg gan cur air trugaichean mòra fionnaraichte airson a ghiùlan air an rathad air feadh na Roinn Eòrpa. Tha cudrom a' cheangail seo ris an t-saoghal mhòr a-muigh agus ris an eaconamaidh ionadail a' ciallachadh gu bheil ceanglaichean rathaid math aig Ceann Loch Biorbhaidh, nuair a smaoinichear air cho iomallach 's a tha e agus an cruinn-eòlas doirbh corrach a tha san sgìreÀITE:Ceann Loch BiorbhaidhSIORRACHD/PARRAIST:CATAIBHCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:35575KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath