Dearbh-aithne:QZP40_CARD_3744TUAIRISGEUL:'S e beinn mhòr ainmeil a th' anns A' Chuinneag ann an Asainte, Cataibh. Tha trì binneanan shònraichte oirre a tha nan 'Corbetts' (beanntan Albannach eadar 2500 troigh agus 3000 troigh le teàrnadh de 500 troigh air gach taobh) air an druim a tha na chumadh 'Y'. 'S e An t-Sàil Gharbh aig 808m (2651 troigh) as àirde dhiubh agus an uair sin An t-Sàil Ghorm (776m/2546 troigh) agus Spidean Còinnich (764m/2506 troigh). A thaobh clach-eòlas, tha A' Chuinneag air a dèanamh suas le clach-ghainmhich Thoirbheartan air gneiss Leodhasach le beagan clach-èite Chambrianach. 'S e Beurlachas air a' Ghàidhlig 'cuinneag' a' ciallachadh peile bleoghainn, air sgàth cumadh na beinne, a th' anns an ainm.
Chaidh Oighreachd Chuinneig, le 8400 acaire a cheannach le Urras Iain Muir ann an 2005.
Chaidh taigh-seinnse dhròbhair a thogail an seo an toiseach ann am meadhan na h-ochdamh linn deug. Aig deireadh na h-ochdamh linn deug chaidh ghabh taigh-seinnse coidse nas susbaintiche àite. An-diugh tha Taigh-òsta Innis nam Damh ainmeil do luchd-iasgaich-slait agus luchd-coiseachd.ÀITE:Innis nan DamhSIORRACHD/PARRAIST:CATAIBHNEACH-FIOSRACHAIDH:Highland LibrariesCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:35580KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath