An cidhe ann an Ulapul, bràigh Loch Bhraoin agus Cnuic a' Bhràigh Mhòir

An cidhe ann an Ulapul, bràigh Loch Bhraoin agus Cnuic a' Bhràigh Mhòir

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_3875 TUAIRISGEUL: Cairt-puist den chidhe ann an Ulapul, bràighe Loch Bhraoin agus cnuic a' Bhràigh Mhòir fad às. Chaidh Ulapul a dheilbh ann an 1788 le Comann Iasgairean Bhreatainn nuair a bha iad airson brath a ghabhail air iasgach an sgadain san sgìre. Thar an ath 150 bliadhna bha fortanan Ulapuil ag èirigh agus a' tuiteam leis an sgadan a bha ri am faotainn anns na h-uisgeachan mu cuairt air Loch Bhraoin. An dèidh an Dàrna Cogadh dh'adhbhraich bàtaichean ùra na bu mhotha agus dòighean glacaidh na b' fheàrr gun deach gnìomhachas an iasgaich am meud ann an Ulapul, agus nuair a bha an stoc air am falmhachadh chrìon an gnìomhachas a-rithist.. Anns na 1970 nuair a bha rionnach a' còrdadh ri barrachd thàinig àireamh mòr de shoithichean factaraidh bho taobh an Ear na Roinn Eòrpa gu acair ann an Loch Bhraoin. Glè thric bhiodh na 'klondyers' a' fuireach airson sia mìosan aig an aon àm, agus bhiodh na criuthaichean bhon Bhloc an Ear a' tighinn air tìr a cheannach bathair nach fhaigheadh iad nan dùthchannan fhèin. An-diugh tha cabhlach beag de bhàtaichean à Ulapul ag iasgach mar as trice airson musgain-caola, creachainn agus crùbagan agus tha an aiseag chàraichean eadar Ulapul agus Steòrnabhagh agus ceanglaichean rathaid nas fheàrr a dh'Inbhir Nis a' fàgail Ulapul na cheann-uidhe a tha a' còrdasdh ri luchd-turais. ÀITE: Ulapul SGÌRE: Loch Bhraoin SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Loch Bhraoin NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 35713 KEYWORDS_GAELIC: