Loch  Dubhthaich agus Còig Peathraichean Chinn Tàile

Loch Dubhthaich agus Còig Peathraichean Chinn Tàile

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_3967 TUAIRISGEUL: Tha Còig Peathraichean Chinn Tàile le craiteachan aotrom de shneachd anmoch an earraich air am mullaichean a' toirt bàrr air ceann Loch Dubhthaich san dealbh camara seo a chaidh a thogail bho chladach an iar Loch Dubhthaich. Tha na còig binneanan nam pàirt de dhruim àrd aon 8 cileameatair (5 mìle) a dh'fhaid ag èirigh gu cas bho Ghleann Seile gu 1,067 meatairean (3,501 troighean) far as àirde e. Tha na còig binneanan sònraichte nan comharra-tìre ainmeil san sgìre agus tha meas orra airson turais coiseachd-beinne. Tha trì de na Còig Peathraichean, a tha os cionn 3,000 troigh, air an ainmeachadh mar làn Rothaich, agus tha na dhà eile nam mullaich Rothach ìochdaireil. 'S e A’ Bheinn Mhòr an t-ainm tùsail Gàidhlig. ÀITE: Loch Dubhthaich; Còig Pheathraichean SIORRACHD/PARRAIST: ROS LINN: 1970an NEACH-FIOSRACHAIDH: Highland Libraries CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 35800 KEYWORDS_GAELIC: