Dearbh-aithne:QZP40_CARD_4257TUAIRISGEUL:Cairt-phuist de Chille Chuimein a' sealltainn na Manachainn
Lorgar Cille Chuimein aig ceann an iar-dheas Loch Nis sa Ghleann Mhòr. Chaidh am baile ainmeachadh an toiseach air Naomh Chuimein, fear a thog eaglais ann, agus 's e Cille Chuimein ainm Gàidhlig a' bhaile fhathast. Thàinig an t-ainm 'Fort Augustus' air nuair a thogadh dùn an dèidh nuair a dh'fàillig Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715. Chaidh an dùn ainmeachadh air fear de na mic aig Seòras II a chaidh air adhart gu bhith mar Diùc Chumberland agus a choisinn ainm is droch-chliù dha fhèin rè Ar-a-mach nan Seumasach 1745-46.
Chan eil mòran air fhàgail dhen dùn mar a thogadh an toiseach e, ach chaidh pìosan dheth a chur gu feum san Abaid Bhenedioctanach a thogadh ann an 1876.
Tha am baile stèidhichte far a bheil Loch Nis agus Slighe Uisge na h-Alba a' coinneachadh. Tha an canàl a' dèanamh dà leth de Chille Chuimein le sreath iongantach de ghlasan-uisgeÀITE:Cille ChuimeinSGÌRE:An ÀirdSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar ThairbhNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries - Illustrated postcardsID Maoin:36056KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath