Uile-bhèist Loch Nis - an e seo an sgeulachd air a chùl?

Uile-bhèist Loch Nis - an e seo an sgeulachd air a chùl?

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_4391 TUAIRISGEUL: Dealbh-cartùin de dh'uile-bhèist Loch Nis air dealbh-camara de Loch Nis. Tha Caisteal Urchardain na thobhta air rubha os cionn Loch Nis, 2.7km an ear-thuath air Druim na Drochaid. Tha fianais arc-eòlais a' dearbhadh gu bheil taighean-còmhnaidh agus dùn air a bhith air an làraich seo bho Linn an Iarainn. Ann an 1229 chaidh tighearnas Urchardain a thoirt do Shiorram Inbhir Nis, Tòmas Durward, le Alasdair lll. Tha e coltach gur e Tòmas, air neo a mhac Ailean, a thog caisteal 'motte-and-bailey' air an làraich. Dh'atharraich sealbh a' chaisteil grunn thursan aig àm a' chiad Chogaidh Neo-eisimeilich. Anmoch sa 14mh linn, rinneadh obair mhòr ath-thogail air a' chaisteal. Ann an 1482, fhuair Iain Grannd à Freuchie fearann Urchardain air mhàl agus chaidh ath-thogail a dhèanamh air a-rithist. Sa 15mh is san t-16mh linn, thugas grunn ionnsaighean air a' chaisteal 's air an sgìre mu thimcheall air leis na Dòmhnallaich, Tighearnan nan Eilean, agus ghabh Sir Dòmhnall MacDhòmhnaill Loch Aillse còmhnaidh mì-laghail anns a' chaisteal eadar 1513 is1516. Ann an 1644, rinneadh spùinneadh air a' chaisteal le arm nan Cùmhnantach, agus chaidh a chàradh ann an 1676. Ann an 1689, nuair a chaill Seumas Vll a chathair rìoghail, is Uilleam à Orange ga chur na àite, rinn freiceadan a bha dìleas do dh'Uilleam sprèadhadh air taigh-geata Chaisteal Urchardain gus nach fhaigheadh na Seumasaich e mar dhaingneach dhaibh fhèin. Ged a dh'aontaich a' Phàrlamaid gum pàigheadh iad airgead-dìolaidh dhan Mhorair Grannd airson an dochainn, tha e coltach nach deach càradh sam bith a dhèanamh air às dèidh na h-ionnsaigh seo. Tha fianais ann bho 1708 gun robh na daoine san sgìre a' spùinneadh a' chaisteil, agus ann an 1715, thuit fear de bhallachan an tùir a tuath. Chaidh an caisteal a chleachdadh mar chuaraidh gus an d'fhuair an Riaghaltas sealbh air ann an 1912. Tha e an-diugh fo sgèith Alba Eachdraidheil 'S e Loch Nis an loch as motha de fhìor-uisge a lorgar ann am Breatainn, is i 39 km de dh'fhaid agus 132 meatairean de dhoimhneachd. Tha 40 abhainn is allt a' cumail uisge ris an loch is e a' sruthadh dhan a' mhuir tro Shlighe-uisge na h-Alba agus Abhainn Nis. Tha e suidhichte air sgàineadh-taobhach beò fon talamh ÀITE: Loch Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries - Illustrated postcards ID Maoin: 36187 KEYWORDS_GAELIC: