An geamhradh thar Còig Pheathraichean Chinn Tàile agus Loch Dubhthaich, à Leitir Feàrna
Dearbh-aithne:QZP40_CARD_5341TUAIRISGEUL:Tha sneachda a’ còmhdach nam beann ris an canar Còig Pheathraichean Chinn Tàile, rim faicinn an seo bho thaobh thall Loch Dubhthaich. Tha na còig binneanan nam pàirt de dhruim a tha 8 km (5 mìle) ann am fad agus a tha ag èirigh gu cas os cionn Ghleann Seile gu àirde 1,067 meatair (3,501 troigh) aig a’ char as àirde. Tha na binneanan sònraichte nan comharra-tìre san sgìre agus a’ còrdadh gu mòr mar chuairt ri luchd-coiseachd nan cnoc. Tha trì de na Còig Pheathraichean air an clàradh mar Rothaich slàn, agus na dhà eile le tuaireisgeul mullaichean Rothach ìochdarail orra. Bhon taobh chlì ’s iad Sgùrr na Mòraich (876m), Sgùrr nan Saighead (929m), Sgùrr Fhuaran (1068m), Sgùrr na Càrnach (1022m) agus Sgùrr na Ciste Duibhe (1027m). 'S e am binnean nas lugha a tha nas fhaisg air an loch Sgùrr an t-Searraich (576m).ÀITE:Loch Dubhthaich; Còig PheathraicheanSIORRACHD/PARRAIST:ROSLINN:1960an; 1970anNEACH-FIOSRACHAIDH:Highland LibrariesCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:37011KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath