Tuathanas Gheusto le Loch Harport agus a’ Chuiltheann air fàire

Tuathanas Gheusto le Loch Harport agus a’ Chuiltheann air fàire

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_5479 TUAIRISGEUL: Tha sneachda air a’ Chuiltheann agus tha crodh a’ cur luach air blàths an earraich air cladach Bàgh Gheusto. Tha na togalaichean tuathanais seo suidhichte air rubha aig ceann Loch Harport, air taobh an iar an Eilein Sgitheanaich. Tha na togalaichean geala a’ dol air ais chun an 19mh linn, agus nam measg tha taigh-bàta agus bothag-chearc chruinn. Chaidh Geusto a thuineachadh leis a’ mheur a bu shine de dh’òglaich Chlann MhicLeòid Dhùn Bheagain mu 1425. A dh’aindeoin ceanglaichean teaghlaich, bha connspaidean cumanta tro na linntean, agus mu dheireadh, chaill Niall MacLeòid Gheusto an taca ann am meadhan an naoidheamh linn deug, nuair a chaidh na trì tuathanasan a thoirt seachad do chaoraich. Bha daoine a’ fuireach ann an Taigh Gheusto, an seo air an làimh chlì, gus na 1920an. A-nis na thobhta, tha am pìos as sine de thaigh an t-seann fhir-taca a’ dol air ais, math dh’fhaodte, gu meadhan an ochdamh linn deug, ged a chaidh a leudachadh corra uair. ÀITE: Geusto, Coillore LINN: 1960an; 1970an NEACH-FIOSRACHAIDH: Highland Libraries CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 37116 KEYWORDS_GAELIC: