A' coimhead tarsainn dhan Eilean Sgitheanach à Gleann Eilg.

A' coimhead tarsainn dhan Eilean Sgitheanach à Gleann Eilg.

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_5563 TUAIRISGEUL: Tha Carragh-Cuimhne a' Chogaidh ann an Gleann Eilg na shuidhe a' coimhead thar Bhàgh Ghleann Eilg gu Caol Reithe san Eilean Sgitheanach tarsainn air Caolas Shlèite. Tha an seann chidhe air an taobh dheas. Tha trì figearan snaighte ann an umha sa Charragh - aingeal a' riochdachadh Buaidh, saighdear Gàidhealach le a cheann air a chromadh a' riochdachadh Fois agus boireannach air a glùinean a' riochdachadh Daonnachd. Tha ìomhaighean eile ann, nam measg druma air an dara taobh, crùnan agus colman. Chaidh an carragh-cuimhne a choimiseanadh leis an Leadaidh Scott a bha roimhe às an Eilean Riabhach, agus chaidh an snaigheadh a dhèanamh le Louis Reid Deuchars (1870 - 1917) a bha ag obair aig an ailtire Sir Robert Stodart Lorimer (1864 - 1929). Chaidh a choisrigeadh an 23mh Dàmhair 1920, agus bha e air a nochdadh le Iain Banner agus an Leadaidh Banner. Am measg nam 20 ainm air an liostadh air a' charragh tha ainm a' Mhàidseir Valentine Fleming, athair sgrìobhadair agus cruthadair Sheumais Bond, Iain Fleming. Tha baile beag Ghleann Eilg na laighe air tràigh Bhàgh Ghleann Eilg a' coimhead tarsainn dhan Eilean Sgitheanach. Tha e air a chuairteachadh air trì taobhan leis a' mhuir - Loch Duich, Caolas Shlèite agus Loch Shùirn - agus chan eil ach aon rathad a' ruighinn thuige a' dol thairis air Màm Ratagain à Gleann Seile. B' e Baile na h-Eaglaise, no Kirkton, a bh' air gu ruig an 18mh linn agus dh'fhàs am baile timcheall air eaglais na paraiste agus leudaich e nuair a chaidh gearasdan Bhearnara a thogail ann an 1717 agus a thàinig saighdearan an airm. Tha dà bhroch o Linn an Iarainn san àite a tha fhathast meadhanach àrd, iomlan. Uaireigin b' e Gleann Eilg am prìomh àite far am biodh iad ag iomain a' chruidh thar a' Chaolas on Eilean gu tìr-mòr. Tha aiseag beag fhathast a' ruith as t-samhradh thar a' chaolas. ÀITE: Gleann Eilg SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Gleann Eilg DEIT: 1888 (c.) LINN: 1940an; 1950an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 37188 KEYWORDS_GAELIC: