Ospadal Cuimhneachaidh Lawson

Ospadal Cuimhneachaidh Lawson

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_5599 TUAIRISGEUL: Ospadal Cuimhneachaidh Lawson ann an Goillspidh. Tha an t-ospadal aig bonn Beinn Bhragaidh. Thug Alasdair Brown Lawson à Clìn Shlios, Brura an t-ospadal, do Siorrachd Chataibh mar thiodhlac. B' e J. Hinton Gall an t-ailtire. Bha e air a bhith ciorramach fad iomadh bliadhna agus cha robh cothrom aige riamh a dhol don làraich-togail. Lean e an obair togail aig gach ìre ach chaochail e air 30 Dùbhlachd 1899 dìreach mus deach a chrìochnachadh. Dh'fhosgail an t-ospadal air 27 Iuchar 1900. Chaidh am Beatle John Lennon a thoirt do dh'Ospadal Cuimhneachaidh Lawson air a' chiad latha den Iuchar 1969 cho math ri a bhean Yoko Ono, a mhac Julian agus Kyoko, nighean Ono, às dèidh tubaist beag a bhith aca air an t-slighe gu Diùranais far an robh croit aig antaidh Lennon. Tha 'The Mannie' air cùlaibh an ospadail os cionn Bheinn Bhragaidh. Chaidh an ìomhaigh mhòr seo de Sheòras Grenville Leveson-Gower, Iarla Gower, Viscount Trentham, 2na Marcais Stafford agus 1d Diùc Chataibh, a shnaigheadh le Sir Francis Chantrey agus tha e mu choinneamh Ghoillspidh. Bha oighreachdan mòra aig Diùc is Ban-diùc Chataibh. Tha cuimhne aig daoine orra fhathast a chionn 's gun do dh'fhuadaich iad daoine bho na srathan a-staigh san tìr chun a' chosta gus caoraich a chur nan àite. Chaochail an Diùc ann an 1833. Chaidh an ìomhaigh a tha 100 troighean a dh'àird, a chrìochnachadh ann an 1837. Tha an ìomhaigh fhathast ag adhbharachadh connspaid ÀITE: Goillspidh SGÌRE: Goillspidh, Raoghard agus An Luirg SIORRACHD/PARRAIST: CATAIBH: Goillspidh LINN: 1910an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 37224 KEYWORDS_GAELIC: