Dearbh-aithne:QZP40_CARD_5617TUAIRISGEUL:Bogha nàdarra aig Uamhghaidh, Inbhir Asdail.
Tha Uamhghaidh air aon de na coimhearsnachdan croitearachd beag air costa an iar Loch Iùbh ann an Taobh Siar Rois. Chaidh muinntir nan gleanntan a-staigh san tìr fhuadachadh chun a' chosta tràth san 19mh linn gus an rachadh an talamh a chleachdadh airson tuathanachas chaorach.
Bha Loch Iùbh cudromach don Chabhlach Rìoghail an dà chuid sa Chogadh Mhòr agus san Dara Cogadh. Bhiodh conbhoidhean Artaig dhan Ruis a' cruinneachadh an seo.
Seachad air Uamhghaidh aig deireadh an rathaid aona-fhillte aig Rubha nan Sasan, tha na tha air fhàgail de bhataraidh èiginn farsaing bhon Dàrna Cogadh Mòr. Ainmichte cuideachd mar 'Ionad Dìon Loch Iùbh', am measg nan togalaichean a tha maireann fhathast tha dà thaigh gunna (gach fear aca a b' àbhaist a bhith a' gleidheadh gunna 6" Marc 7 cabhlachail), post faire bataraidh, dà ionad solas-siridh, taighean einnsean no seòmraichean ghineadairean, armlannan, agus dà ionad do ghunnaichean an aghaidh itealain.
Bha daoine air faire air an làraich bhon Fhaoilleach gus an t-Sultain 1942 à Bataraidh Neo-eisimeileach a' Chosta 308 (Làmhachas Rìoghail) agus bhon t-Sultain 1942 gus an Giblean 1944 à Bataraidh Neo-eisimeileach 154. Às dèidh sin chaidh a chur air bunait cùraim is gleidhidh. Chan eil e air a chlàradh gun do loisgte a' bhataraidh a-riamh le corraich.
Chaidh carragh-cuimhne fhoillseachadh do na daoine air na conbhoidhean a chaidh a mharbhadh ann am 1999ÀITE:Inbhir ÀsdailSGÌRE:GeàrrlochSIORRACHD/PARRAIST:ROS: GeàrrlochCREATOR (AV):J Valentine & Co.DEIT:1939LINN:1930anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:37241KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath