Tobraichean is Fuarain Leigheasach sa Ghàidhealtachd & sna h-Eileanan (3 de 3)

Tobraichean is Fuarain Leigheasach sa Ghàidhealtachd & sna h-Eileanan (3 de 3)

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_5663_A TUAIRISGEUL: Shìos fodha tha liosta de chuid de na fuarain, lochan is tobraichean air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan a bha, agus a tha fhathast do chuid de dhaoine, nan àiteachan aig an robh an cumhachd daoine a shlànachadh. (San dealbh chithear Tobar nam Miann air Mòinteach Chùil Lodair.) Tha iomadh tobar eile ann a tha ceangailte ri saobh-chràbhadh sgìreil. Ann an "The Records of the Meeting of the Exercise of Alford" (New Spalding Club, 1847 dg. 415) tha luaidh air sia ceud tobar ann an Alba. Bha tòrr dhiubh nach robh idir nan tobraichean "naomh" no slànachaidh. Bha daoine den bheachd gun robh feadhainn aca le cumhachd a thaobh na sìde agus feadhainn a bha fiù 's nan tobraichean le cumhachd nam mallachdan. Tha adhradh nan tobraichean a' dol air ais gu làithean tràth nan Ceilteach , ach bha an Eaglais Albannach gu dubh na aghaidh, cho dona 's gun deach an t-adhradh sin a thoirmeasg le Seisean na h-Eaglais san t-seachdamh linn deug. Chaidh òrdachadh "Whosoever shall be found guiltie of the premises that they mak ther publick repent-ance in sack cloth befor the congregaône" (Northern Notes & Queries lr. IV 1890 dgn. 27-8). ROS & CROMBA A' CHOMRAICH - Fuaran Dearg. Bha ainm aig an fhuaran seo air an dèideadh a leigheas agus a' chàil a bhrosnachadh. ABHACH - Tobar Chreag Guc. 'S e tobar nan Luideagan ('Clootie well') a bha san tobar seo na laighe air tràigh a tuath Bhàgh Bhun Lòchaidh agus le cliù on Naomh Bennet,. Bidh daoine fhathast a' dol thuige a' chiad Shàbaid sa Chèitean. Bha iad a' creidsinn fad ghinealaichean gu robh cumhachd slànachaidh aige agus cuideachd, ma thaomas an neach-tadhail beagan uisge air an làr trì turais agus ma chroiseas e e fhèin, ag òl an uisge, a' dèanamh miann agus a' ceangal luideag aodaich do mheanglan na craoibh, gum bi sin ga dhìon bho thinneas. CREAG THOBHAIDH - ann an uaimh na laighe air taobh a deas Bhàgh Bhun Lochaidh tha sruth nam boinneagan a' tighinn on mhullach a chanadh iad a shlànaicheadh goirteas cluaise agus buidhre. Dh'fheumadh an duine tinn a cheann a chur ri aon taobh agus leigeil leis an uisge a bha uabhasach fuar, tuiteam na bhoinneagan a-steach dha chluais. CROMBA - Tobar an Fhìdhleir. Na laighe air an rathad don t-Sudar a Deas, tha e coltach gum bi an t-uisge on fhuaran seo, ma thèid òl ro thrath-nòin, a' slànachadh iomadh tinneas. 'S e sgeulachd an tobair seo gun do dh'fhàs dithis dhuine òg, fìor charaidean, tinn leis a' chaitheamh aig an aon àm. Bhàsaich fear aca agus bha am fear eile, Uilleam Fìdhleir, tinn gu bàs. Ach, ann am bruadar bruailleanach, fhuair am fear beò nàdar stiùireadh o charaid marbh ga chur gu creag air an tràigh air an robh an t-ainm Stoirmeil, agus ann an siud bha seillean ag innse dha tòiseachadh a' cladhadh. Nuair a rinn e seo, dh'èirich fuaran de dh'uisge fìor-ghlan a' dortadh a-mach. Sa mhadainn chaidh Uilleam don àite a chunnaic e na bhruadar, rinn e cladhadh agus lorg e fìor-uisge agus an dèidh dha òl, thàinig slànachadh mìorbhaileach air. FOTHRAITIDH - Tobar Naoimh Eòin Baistidh. Tha iad den bheachd gu bheil cumhachdan slànachaidh aig an tobar seo a tha na laighe aig bonn Chnoc Faireil. A-rèir a' Chunntais Stataistigeil Ùr tha an t-uisge den t-seòrsa as fhìor-ghlan agus "It used to be resorted to by sick people and maniacs, who always left on a neighbouring bush or tree a bit of coloured cloth or thread as a relic" Tha an Cunntas cuideachd a' cur air adhart gur dòcha gur ann on Ghàidhlig airson "fuar dibhe" a tha ainm na parraiste, 'Fodderty', a' tighinn. LOCH MA-RUIBHE - Tobar an Naoimh Maol Rubha. Air Eilean Ma-Ruibhe bha fuaran ann a bha ainmeil airson neo-chiallachd a shlànachadh. Chaidh an duine tinn iomramh ann am bàta deiseal mun eilean agus chaidh a chur san loch trì turais mus deach a thoirt dhan eilean agus a chaidh deoch on tobar a thoirt dha. Chaidh bonn an uair sin a bhualadh a-steach gu craobh ri a thaobh. Tha an tobar air traoghadh ach tha a' chraobh agus iomadh bonn na chabar, fhathast ann. Nuair a bha a' Bhanrigh Bhictoria a' fuireach aig Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe chaidh bonn a bhualadh a-steach don chraoibh dhìse. BUN LOCHAIDH - Tobar an Naoimh Boniface. Tha tobar ainmeil nan luideagan seo na laighe taobh an rathaid gu Todhar faisg air Bun Lochaidh san Eilean Dubh. Ann a sheo tha beag-shileadh de dh'uisge a' tighinn à pìob bheag sa bhruaich. Ann an làithean seachad, bhiodh daoine a' tadhal air a' chiad Shàbaid den mhìos, ro àm èirigh na grèine agus bhiodh bonn airgid air fhàgail mar ìobairt. Chaidh luideag aodaich a reubadh o aodach an duine tinn agus chaidh a cheangal ri meanglan faisg, agus mar a lobhadh an t-aodach 's ann d' a rèir a dh'fhalbhadh an tinneas. Ach tha a thùsan mar thobar slànachaidh naomh caran air chall agus tha e air a dhol na thobar nam miann air cuairtean an luchd-turais. Tha a' chraobh a tha crochadh os a chionn air a sgeadachadh leis a h-uile seòrsa rud o phocannan plastaig gu paidhir stocainnean-teann bhoireannaich nach lobh air falbh, 's cinnteach, a chaoidh. Tha e gu math grànnda don t-sùil ach chan eil duine ann dana gu leòr na rudan a thogail air falbh air eagal 's gun tog iad orra fhèin na tinneasan a bh' aig na daoine a dh'fhàg na pìosan. STRATH PHEOFHAIR - Faisg air deireadh an ochdamh linn deug chaidh a chur an cèill gu robh cumhachdan slànachaidh aig na fuarain a bha beairteach ann am pronnastan agus iarann. Mar sin thòisich mòran luchd-tadhail a' tighinn don bhaile. Tha e coltach gum biodh an t-uisge a' leigheas iomadh seòrsa tinneas, nam measg duilgheadasan cnàmh a' bhìdh, tinneasan craicinn agus an lòinidh. BAILE DHUBHTHAICH - Tobar an Naoimh Màiri. Tha an tobar seo na laighe air an tràigh don iar-thuath air Baile Dhubhthaich. Tha e còmhdaichte aig a' mhuir-làn ach nuair a tha muir-tràigh ann, tha an t-uisge, a bu chòir a bhith air òl tràth sa mhadainn, ùr-ghlan agus milis. Bha iad den bheachd gu robh e math airson na caitheimh. AN LAGAIDH (AN EAR) - Bha tobar no fuaran ann a bha faisg air làrach seann eaglais na paraist a bha iad a' creidsinn a dh'innseadh an robh duine tinn 'dol a dhol nas fheàrr no am bàsaicheadh e. Nam fuiricheadh an t-uisge an t-aon dath, dh'fhàsadh am bochdan na b'fheàrr ach ma dh'atharraich an t-uisge ann an dath bha e na bu choltaiche gum bàsaicheadh e. CATAIBH LOCH MONAR - Bha an loch seo ainmeil bho chionn fhada airson uisge slànachaidh. Bhatar den bheachd gun slànaicheadh e iomadh tinneas agus iomadh duine, ach an fheadhainn leis an ainm Gòrdan! Bha boireannach a' cumail a-mach gu robh i a' slànachadh thinneasan le bhith a' toirt uisge, anns an do chuir i mol, do na daoine tinn aice. Nuair a dh'fheuch fear leis an ainm Gòrdan ris na clachan mola a thoirt bhuaipe, thilg i a-steach don loch iad ag èigheachd "Mo nàir'", agus thug seo don loch ainm agus a chumhachd. Chan eil slànachadh ag obair ach air a' chiad Diluain sa Ghearran, sa Chèitean, san Lùnastal agus san t-Samhain. Feumaidh an duine bochd a bhith air a thumadh san uisge trì turais, feumaidh e beagan uisge òl, bonn airgid a thilgeil a-steach agus a bhith a-mach à sealladh air an loch ro àm èirigh na grèine. Tha cuid dhreachan na b' aosta den deas-ghnàth ag ràdh gum feumadh am bochdan a bhith ceangailte agus air a chumail gun bhiadh an là roimhe agus gum biodh an tumadh air a dhèanamh aig ciad shoilleireachadh an adhair san latha ÀITE: Mòinteach Chùil Lodair SGÌRE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 37291 KEYWORDS_GAELIC: