Caisteal Chluanaidh, Cinn a' Ghiuthsaich

Caisteal Chluanaidh, Cinn a' Ghiuthsaich

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_5698 TUAIRISGEUL: Tha Caisteal Chluanaidh suidhichte 3km an ear air Lagan agus chaidh a thogail ann an 1805 airson Mac a' Phearsain, fear Chluanaidh. Chaidh a' chiad tùr aig Cluainidh Mac a' Phearsain a sgrios le feachdan an Riaghaltais ann an 1746 às dèidh Blàr Chùil Lodair a chionn 's gun tug Cluanaidh Mac a' Phearsain taic do na Seumasaich. Chaidh poirds ann an stoidhle 'Banrigh Anna' a chur ri aghaidh a' chaisteil ann an 1891, agus ann an 1908, chaidh taobh ùr a chur ri iar-thuath an togalaich (air taobh chlì na deilbh seo). Anns an leabhar 'Highways and Byways in the Central Highlands' (1948), sgrìobh Pòl Seton Gòrdan gun do dh'fheuch a' bhanrigh ri Caisteal Chluanaidh a cheannach 1847 a rèir beul-aithris na sgìre is i air turas gu oighreachd Àird Mheirgidh. A rèir na sgeulachd cho-dhùin i gun a cheannach mar thoradh air an droch shìde a bh' ann aig an àm. Ghabh Anndra Carnegie is a bhean Laura an caisteal air mhall airson naoi samhraidhean aig deireadh an 19mh linn agus dh'fheuch Carnegie ris a' chaisteal a cheannach ach dhiùlt an neach-seilbh a reic agus cheannaich Carnegie Caisteal Sgiobal ÀITE: Caisteal Chluanaidh SGÌRE: Bàideanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Lagan NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 37328 KEYWORDS_GAELIC: