Dearbh-aithne:QZP40_CARD_5744TUAIRISGEUL:'S e an tiotal a th' air a chairt-phuist seo 'General View of Mallaig'. 'S e baile beag iasgaich a th' ann am Malaig a tha na laighe an ceann an iar rubha Morair a Tuath.
Dh'fhàs Malaig gu bhith na bhaile beag sna deich bliadhna eadar 1841 is 1851, le àireamh an t-sluaigh ag èirigh o 24 neach gu 134. 'S e dh'adhbhraich an leudachadh seo na rudan a rinn MacShimidh, am fear aig an robh oighreachd Mhorair a Tuath. Bha esan airson coimhearsnachd iasgaich a dhèanamh ann am Malaig agus bhrosnaich e cuid dhe thuath gluasad ann. Mhaoinich e togail cidhe ann am Malaig agus rinn e leasachadh air na rathaidean san sgìre.
B' ann gu math mall a leasaich gnìomhachas an iasgaich ann am Malaig san dàrna leth den 19mh linn, agus b' ann nuair a ràinig Rèile na Gàidhealtachd an iar cho fada ri Malaig ann an 1901 a thòisich beairteas a' tighinn don bhaile. Le ceanglaichean na rèile dh'fhaodadh na luchdan èisg an lìbhrigeadh gu margaidhean gun dàil agus dh'fhàs malairt agus àireamh an t-sluaigh glè luath. Cuideachd, chaidh am fàs a chuideachadh leis an atharrachadh o sheòl gu einnseanan sna bàtaichean-iasgaich aig an àm seo oir cha robh na bàtaichean cho feumach air sìde mhath agus dh'fhaodadh iad astaran mòra mara a shiubhal. Chaidh am port a leudachadh 's a leasachadh iomadh turas tràth san 20mh linn agus sna 1920an bha dà ghàrradh-shoithichean agus grunnan fhactaraidhean-ceòthaidh ann am Malaig.
Gu ruig nan 1960an, agus gu h-àraid aig an àm sin, bha Malaig cudromach agus beairteach na phort-iasgaich airson an sgadain. Ach anmoch sna 1970an agus fad nan 1980an chaidh gnìomhachas an iasgaich sìos gu mòr mar a dh'fhàs an sgadan gann, ach sna 1990an bha malairt sa phort air fàs rèidh agus b' e maorach, gu h-àraid muasgan-caola, a-nis an t-iasg a bu mhothaa bh' air a ghlacadh san sgìreÀITE:MalaigSGÌRE:Loch AbarSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Gleann EilgNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:37371KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath