Dearbh-aithne:QZP40_CARD_5779TUAIRISGEUL:'Children's playground, The Links, Nairn', sealladh bhon Mhachair ann an Inbhir Narann a' coimhead thar Raon-cluiche na Cloinne gu Taigh-òsta Rìoghail na Mara. On a tha an taigh-òsta cho faisg air a' mhuir bhiodh e air a bhith na àite-fuirich a bha a' còrdadh ri mòran luchd-turais. Chaidh an taigh-òsta a leagail bhon uair sin agus chaidh flataichean a thogail na àite.
B' e baile turasachd a bha a' còrdadh ri mòran ann an Linn Bhictòria, aig deireadh na naoidheamh linn deug, a bh' ann an Inbhir Narann, agus chaidh iomradh a thoirt air aig aon àm mar 'Brighton of Scotland'. Tha aimsir an ìre mhath grianach còmhla ri stad ghoireasach air Rèile Inbhir Nis agus Inbhir Narainn, a' ciallachadh gun do thàlaidh am baile luchd-turais bho air feadh na dùthcha. Bha am baile aig an ìre bu bheairtiche rè linn Bhictòria.ÀITE:Inbhir NarannSIORRACHD/PARRAIST:SIORRACHD NARANN: Inbhir NarannNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:37411KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath