Dearbh-aithne:QZP40_CARD_5829TUAIRISGEUL:'High Street, Rosemarkie'. Chithear inbhich agus clann nan seasamh air a' Phrìomh Shràid air a bheil grunn thaighean à anmoch anns an ochdamh linn deug agus tràth anns an naoidheamh linn deug. Chithear togalach bho mheadhan an naoidheamh linn deug air an làimh dheis dhen dealbh le cumadh cuilbh mun doras. 'S e stòr a bh' anns an togalach an toiseach 's bhiodh e a' reic gunnaichean-peilear, àirneis agus uaireadairean, ach 's e oifis a' phuist a bh' ann airson iomadh bliadhna an dèidh sin.
'S e meadhan cudromach a bh' ann an Ros Maircnidh do eachdraidh thràth na h-eaglais Chruithnich. Chaidh an eaglais aig Ros Maircnidh le ceanglaichean ris an Naomh Moluag (bh 592) ath-bheothachadh anns an ochdamh linn leis an Naomh Curetán air an robhar eòlach cuideachd mar an Naomh Boniface. Tha e follaiseach cho cudromach 's a bha Ros Maircnidh mar mheadhan do chultar nan Cruithneach leis na clachan-snaidhte Cruithneach a thathar a' lorg faisg air cladh a' bhaile. Chithear na rudan seo ann an Taigh-tasgaidh Taigh Groam ann an Ros Maircnidh.
Chaidh a' chiad chathair-eaglais sgìreachd-easbaig Rois a stèidheachadh ann an 1124 ann an Ros Maircnidh le Daibhidh I Rìgh Alba. Ann am meadhan an treas linn deug chaidh cathair-eaglais ùr a thogail anns a' Chananaich agus chaidh làrach cathair-eaglais Rois a ghluasad an sin. Chaidh an eaglais paraiste aig Ros Maircnidh a tha ann an-diugh a thogail ann an 1821 air làrach na cathair-eaglais a bh' ann o thùs.
Chaidh Ros Maircnidh a chomharrachadh mar Bhaile Rìoghail tràth anns an treas linn deug rud a bha eadar e fhèin agus a' Chananaich bho 1455ÀITE:Ros MhaircnidhSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Ros MhaircnidhLINN:1890anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:37465KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath