Cidhe An Àth Leathainn

Cidhe An Àth Leathainn

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_5844 TUAIRISGEUL: Tha bàta-smùid pleadhaig, aon de ghrunnan a bha a’ siubhal mun cuairt nan Innse Gall, docte aig ceann Cidhe An Àth Leathainn san Eilean Sgitheanach, anns an dealbh-camara le fiamh-dhath seo a chaidh a thogail tràth anns an 20mh linn. Ghabh ‘cidhe ùr’ An Àth Leathainn àite seann cidhe cloiche a chaidh a thogail mu linn roimhe seo a bha na b’ fhaisge air meadhan a’ bhaile. Chaidh am planadh airson a’ chidhe ùr seo ann an uisge nas doimhne a thòiseachadh anns na 1880an, ach cha deach an spàirn a dhèanamh gus crìoch a chur air gu tràth anns na 1900an, nuair a chaidh an companaidh Skye Marble Limited a chur air bhonn. Chaidh marmor a chladhach aig cuaraidh faisg air Cille Chrìosd agus a thoirt sìos chun a' chidhe air rathad-iarainn cumhang agus an uair sin a chur air na bàtaichean. Lorgar fhathast pìosan dhen rathad-iarainn air a' chidhe, ged a tha an cuid as motha dheth a-nis fo chruadhtan. Le bhith a’togail cidhe nas susbaintich thug seo àrdachadh ann am bather agus daoine a’ tighinn dhan bhaile. Bha crodh air an gluasad air falbh gu margaidhean, bha a’ chuaraidh san t-Strath a’ toirt màrmor a bh a’ dol air feadh an t-saoghail, agus bha bàtaichean-smùide pleadhaig agus pufairean a’ stad ann gu riaghailteach. Bho thuineachadh glè bheag anns an robh trì no ceithir a thaighean anns na 1840an, dh’fhàs An t-Àth Leathann gu bhith an dàrna baile as motha san Eilean Sgitheanach. Mar a chaidh leasachaidhean a dhèanmh air a’ phrìomh rathad tron Eilean Sgitheanach, gu h-àraidh an dèidh an Dàrna Cogadh, ghluais còmhdhail barrachd gun a rathaidean an àite na mara, agus cha robhas a’ cleachdadh a’ chidhe uiread. A dh’aindeoin muinntir an àite a bhith a’ cur na aghaidh, dh’fheumaist a dhùnadh ann an 1935 air sgàth a dhroch staid. ÀITE: An t-Àth Leathann SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: An Srath LINN: 1910an; 1920an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 37481 KEYWORDS_GAELIC: