Baile croitearachd faisg air Flòdaigearraidh, An t-Eilean Sgitheanach

Baile croitearachd faisg air Flòdaigearraidh, An t-Eilean Sgitheanach

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_5849 TUAIRISGEUL: Tha baile Na Dìge gu tuath air Bàgh Stafainn,air taobh an ear an Eilean Sgitheanaich. Tha am baile seo, cuide ri Glas Bheinn agus Brògaig, a’ cur aghaidh ri farsaingeachd Bàgh Stafainn agus air an cùlaibh tha cnuic gharbha a’ Chuidh-fhraing agus Druim Thròndairnis a’ cruthacadh sealladh gu tur eadar-dhealaichte. Tha an dealbh-camara seo a’ sealltainn achaidhean a’ bhaile croitearachd a tha air an deagh choimhead as an dèidh agus ann an deagh òrdugh, le bàrr air a bhuain agus mòine ann an cruachan deiseil airson a’ gheamhraidh. Tha an sgìre mun cuairt air Stafainn a’ gleidheadh barrachd den chultair Gàidhlig traidiseanta agus a’ Ghàidhlig na tha cuid de cheàrnaidhean eile den Eilean Sgitheanach, agus aig an aon àm tha e fàbharach airson leasachadh taigheadais air sgàth nan seallaidhean àlainn de Rònaigh, A’ Chomraich agus Toirbheartan chun an ear. Tha daoine fhathast a’ fuireach anns na taighean croite san dealbh (2012), ach ‘s fhada bho dh’fhalbh an tughadh agus chan eil feum air na cruachan mòna tuilleadh airson teas riatanach a thoirt. ÀITE: An Dìg SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Cille Mhoire LINN: 1930an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 37484 KEYWORDS_GAELIC: