Dearbh-aithne:QZP40_CARD_5887TUAIRISGEUL:Tha Taigh An Tairbeairt suidhichte 7 cil an ear-thuath air Inbhir Ghòrdain faisg air Baile Mhuilinn.
Chaidh Taigh An Tairbeairt a tha na thaigh-mòr trì làir ann an dealbhadh clasaigech, a thogail ann an 1787 le Seumas MacLeran airson Iain MacCoinnich, am Morair MacLeòid (a chaochail 1789). Bha an taigh ann an teaghlach MhicCoinnich gus an do chaochail Sibell Lilian NicChoinnich ann an 1962. Chaidh Taigh An Tairbeairt a losgadh gu dona ann an ionnsaigh-teine ann an 1987 agus tha an taigh an-diugh ann an droch staid.
Tha Ealasaid Pheutan a' tarraing às na sgrìobhaidhean aig Ridire Seòras Stiùbhart MacCoinnich Chunndainn anns an leabhar aice 'Ross & Cromarty - An Illustrated Architectural History', agus ann an 1810 thuirt esan gu bheil, "Tarbat House is quite plain outside. Within are some handsome rooms. A great deal of spàce has been taken up by the architect having indulged himself in displaying wide landing spàces, and a spàcious staircase. These are extremely pleasant during the summer months but are hardly suited to our long and dreary winters. The rooms are elegantly proportioned, and there is a fine view of Cromarty from the windows of the principal rooms."
Chaidh Taigh an Tairbeairt a thogail air làrach Taigh Ùr an Tairbeairt a chaidh a thogail le Seòras MacCoinnich, Biocas An Tairbeairt agus a' Chiad Iarla Chrombaidh anmoch anns an t-seachdamh linn deug. Chaidh an 'Taigh Ùr' a bha na thobhta a leagail mus deach Taigh an Tairbeairt a thogail agus chaidh pìosan de na bha air fhàgail dheth a thoirt a-steach dhan togalach ùrÀITE:Baile MhuilinnSGÌRE:Inbhir GhòrdainSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Sgìre Mhoire ShìosNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:37520KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath