Dearbh-aithne:QZP40_CARD_5888TUAIRISGEUL:'S e baile beag a th' ann am Port Mo Cholmaig a tha na laighe mu 14.5 cil an ear air Baile Dhubhthaich air Rubha an Tairbeairt.
B' e àite air leth cudromach a thaobh cultar a bh' ann an Rubha an Tairbeairt aig àm nan Cruithneach. Chaidh pìos fearainn a bha air a rùsgadh mar phàirt de rannsachaidhean arc-eòlais eadar 1994 agus 2007, faisg air Seann Eaglais Paraiste an Tairbeairt ann am Port Mo Cholmaig a chomharrachadh mar làraich manachainn Chruithneach a bha air a chleachdadh eadar an siathamh agus an naoidheamh linn. Tha dearbhadh ann gun robh bùithtean-obrach anns a' chlachan airson obair-glainne, obair-meataillt, stuth-sgrìobhaidh craiceann-laoigh agus obair fiodha. Thathar air mòran thursachan air an snaidheadh ri Linn nan Cruithneach a lorg ann am Port Mo Cholmaig cuideachd. Chan eil cinnt ann carson a chaidh a' mhanachainn à bith ach tha e buailteach gun deach a sgrios le teine tràth anns an naoidheamh lìnn ann an ionnsaigh bho na Lochlannaich.
Chaidh seann eaglais Paraiste An Tairbeairt (air a bheil cuideachd an t-ainm Eaglais an Naoimh Cholmain) a thogail airson a' chuid as motha ann an 1756. 'S i an tè mu dheireadh ann an sreath de shia eaglaisean a chaidh a thogail air an làrach seo leis an tè a bu thràithe a' dol air ais chun an ochdamh linn. Tha taigh-tasgaidh a-nis ann an Seann Eaglais Paraiste An Tairbeairt a tha ag innse sgeulachd nan Cruithneach anns an sgìre.
'S e an Ridire Seòras MacCoinnich, Biocas an Tairbeairt agus a' Chiad Iarla Chrombaidh (1630 - 1714) a thog cidhe aig Port Mo Cholmaig ann an 1698. Chaidh an acarsaid a th' ann an-diugh a thogail eadar 1813 agus 1816 le Tòmas Telford agus thug e buaidh air Port Mo Cholmaig a' fàs mar bhaile. Tha dà thaigh-stòir os cionn na h-acarsaid. Chaidh a' chiad fhear a thogail ann an 1699 le Alexander Stronach agus chaidh an dara fear a thogail ann an 1779ÀITE:Port Mo CholmaigSGÌRE:Manachainn RoisSIORRACHD/PARRAIST:ROS: TairbeartNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:37521KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath