Dearbh-aithne:QZP40_CARD_5891TUAIRISGEUL:'S e baile beag mu 14.5 cil an ear air Baile Dhubhthaich air Rubha an Tairbeairt a th' ann am Port Mo Cholmaig. Tha Seann Eaglais Paraiste an Tairbeairt ri faicinn aig fìor thaobh chlì an deilbh seo. Tha Eaglais Shaor an Tairbeairt, air a togail le Anndra Maitland 's a Mhic eadar 1892-3, ri faicinn sa mheadhan.
Bha Rubha an Tairbeairt fìor chudromach gu cultarail aig àm nan Cruithneach. Tha rannsachaidhean àirseachail eadar 1994 agus 2007 air nochdadh gum b' e raon faisg air Seann Eaglais Paraiste an Tairbeairt ann am Port Mo Cholmaig làrach manachainn Cruithneach a bha ag obair eadar an siathamh agus an naoidheamh linn. Tha fianais a' sealltainn gun robh bùthan-obrach san tuineachadh airson obair-ghlainne, obair-mheatailt, dèanamh craicinn-sgrìobhaidh agus saoirsneachd. Tha mòran chlachan snaighte Cruithneach air a bhith air an lorg cuideachd ann am Port Mo Cholmaig. Chan eil cinnt dè a b' adhbhar don mhanachainn a dhol à bith, ach a rèir coltais chaidh a sgrios le teine tràth san naoidheamh linn, 's dòcha air sgath ionnsaigh Lochlannach.
Chaidh a' mhòr-chuid de Sheann Eaglais Paraiste an Tairbeairt (ris an canar cuideachd Eaglais Naoimh Cholmain) a thogail ann an 1756. 'S i an tè mu dheireadh de shreath de shia eaglaisean air an togail air an làraich, an tè as tràithe dhiubh bhon ochdamh linn. Tha Seann Eaglais Paraiste an Tairbeairt a-nis na taigh-tasgaidh a tha a' mìneachadh dualchas Cruithneach na sgìre.
Thog Sir Seòras MacCoinnich, Bìocas an Tairbeairt agus 1d Iarla Chrombaidh (1630-1714) cidhe faisg air Port Mo Cholmaig ann an 1698. Chaidh an cidhe a th' ann an-diugh a thogail eadar 1813 and 1816 le TòmasTelford agus chuir sin ri fàs baile Phort Mo Cholmaig. Tha dà thaigh-stòir os cionn na h-acarsaid. Chaidh a' chiad fhear a thogail ann an 1699 le Alasdair Stronach, agus an dàrna fear ann an 1779ÀITE:Port Mo CholmaigSGÌRE:Manachainn RoisSIORRACHD/PARRAIST:ROS: TairbeartCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:37524KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath