An Taigh-òsta Rìoghail, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach

An Taigh-òsta Rìoghail, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_5893 TUAIRISGEUL: An Taigh-òsta Rìoghail ann am Port Rìgh, san Eilean Sgitheanach. Chaidh an taigh-òsta a thogail às ùr ann am meadhan an fhicheadaimh linn an dèidh droch theine. 'S e Port Rìgh prìomh bhaile an Eilein. Dh'fhaodadh gu bheil ainm ag èirigh bhon àm a thadhail Seumas V air an tuineachadh ann an 1540, air neo 's dòcha gur e riochd ceàrr a th' ann de Phort Ruighe. Tha an caladh, air a dhealbhachadh le Tòmas Telford 's air a thogail eadar 1818 agus 1820, air a bhith na mheadhan air fàs a' bhaile. A-mach bho 1826 bha seirbheis bàta-smùide a' tighinn gach seachdain bho Loch an Tairbeairt an Iar taobh Thobar Mhoire, Eilean Iarmain agus Caol Àcain, agus bho 1851 bhiodh am bàta-smùide eadar Glaschu agus Steòrnabhagh gach seachdain a' tadhal sa chaladh ÀITE: Port Rìgh SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Port Rìgh NEACH-FIOSRACHAIDH: Highland Libraries CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 37526 KEYWORDS_GAELIC: