Dearbh-aithne:QZP40_CARD_5909_JGTUAIRISGEUL:An-diugh na leabharlann air Caolshràid MhicDhaibhidh, b' e sgoil do ghillean a bha san togalach seo an toiseach. B' e am 'Miller Institution' a bh' air, agus a-rithist Acadamaidh Miller.
Chaidh Institiùd Miller a thogail eadar 1859 agus 1862, agus chaidh a chur air bhonn le Alasdair Mac a' Mhuilleir, fear à Inbhir Theòrsa a bha na neach-malairt sa bhaile mus do thionndaidh e gu tuathanachas. Thàinig dìleab mhòr gu Mac a' Mhuilleir o bhràthair a phàrant, a bha na neach-malairt ann an Ameireaga a Deas. Chleachd e cuid den airgead seo gus an stèidhicheadh e an t-Institiùd. Bha co-iar-ogha dha, an t-Urr Dr Alasdair Mac a' Mhuilleir den Eaglais Aonaichte Shaor a Deas ann am Bucaidh, Siorrachd Bhanbh, cuideachd na neach-fhialaidh a' toirt maoin don Institiùd.
Chaidh baile Inbhir Theòrsa a dhèanamh na bhorgh baranach ann an 1633. Ann an 1719 fhuair Clann na Ceàrdaich à Ulbastair sealbh air borgh agus fearainn Inbhir Theòrsa, agus ann an 1798 bha 'baile ùr' a dhealbh, an cois borgh nam meadhan linntean a bh' ann mar-thà, le Sir Iain Mac na Ceàrdaich (1754-1835), neach-àiteachais agus neach-ionmhais.
Thòisich togail a' bhaile ùir seo, agus Caolshràid MhicDhaibhidh na phàirt dheth, mu 1800. Chaidh na sràidean an càradh ann an cumadh òrdail mar chliath, gu math diofraichte bho na seann shràidean faisg air Bàgh Inbhir Theòrsa. Ann an 1812 sgrìobh an Caiptean Iain MacEanraig na 'General View of the Agriculture of the County of Caithness' gun robh... "The New Town on Thurso was planned...according to the most regular plan that could be contrived and in a manner not only ornamental but also positively well adapted for preserving the health & promoting the convenience of the Inhabitants"ÀITE:Inbhir TheòrsaSIORRACHD/PARRAIST:GALLAIBH: Inbhir TheòrsaDEIT:8 Dàmhair 2009LINN:2000anNEACH-FIOSRACHAIDH:Am BaileCRUINNEACHADH:Highland Libraries Past & PresentID Maoin:37546KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath