Carragh-cuimhne Cogaidh, Inbhir Theòrsa

Carragh-cuimhne Cogaidh, Inbhir Theòrsa

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_5910 TUAIRISGEUL: Na shuidhe ann an Ceàrnag Sir John, chaidh Carragh-cuimhne cogaidh Inbhir Theòrsa a dheilbh le Percy Portsmouth, ann an 1922. Tha an ìomhaigh umha a' sealltainn Buaidh, agus a làmh na laighe air ceann gille beag, a' riochdachadh Sìth. Chaidh baile Inbhir Theòrsa a dhèanamh na bhorgh baranach ann an 1633. Ann an 1719 fhuair Clann na Ceàrdaich à Ulbastair sealbh air borgh agus fearainn Inbhir Theòrsa, agus ann an 1798 bha 'baile ùr' air a dhealbh, an cois borgh bho na meadhan linntean a bh' ann mar-thà, le Sir Iain Mac na Ceàrdaich (1754-1835), neach-àiteachais agus neach-ionmhais. 'S ann air an 'Sir John' seo a tha ceàrnag a' charraigh-cuimhne air ainmeachadh. Thòisich togail a' bhaile ùir seo mu 1800. Chaidh na sràidean a dhealbh ann an cumadh òrdail mar chliath, gu math diofraichte bho na seann shràidean faisg air Bàgh Inbhir Theòrsa. Ann an 1812 sgrìobh an Caiptean Iain MacEanraig na 'General View of the Agriculture of the County of Caithness' gun robh... "The New Town on Thurso was planned...according to the most regular plan that could be contrived and in a manner not only ornamental but also positively well adapted for preserving the health & promoting the convenience of the Inhabitants" ÀITE: Inbhir Theòrsa SIORRACHD/PARRAIST: GALLAIBH: Inbhir Theòrsa NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 37547 KEYWORDS_GAELIC: