Dearbh-aithne:QZP40_FM229_183TUAIRISGEUL:Fulmair air creig ri taobh ugh. Chaidh an dealbh, bhon leabhar aig Seòras Seton, 'St. Kilda Past and Present', 1878, Clàr XI, a dhèanamh às ùr mar 'chromolitho' le W agus A K Johnston bho shampall a bha aig an ùghdar. Tha Seton ag aithris gun tuirt J. Sands, a chuir an clò artaigilean mu Hiort, "gur e eòin-mhara bu mhotha a bha na Hiortaich ag ithe, agus gur e feòil an fhulmaire as fheàrr leotha. Tha iad ag ithe seo nuair a bhios e ùr no ann am picil. Feumaidh gu bheil feòil nan eòin-mhara glè mhath do dhuine oir tha coltas dreachmhor, tapaidh, làidir air na daoine. Aig an àm seo tha Hiort aig Urras Nàiseanta na h-Alba.
'S e Làrach Dualchais na Cruinne a tha ann, agus Tèarmann Nàdair NàiseantaÀITE:HiortSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Na HearadhDEIT:1878LINN:1870anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:37807KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath