Ye Booke of Halkirk [1911], dealbh camara de Lòn Creige Dhirlot
Dearbh-aithne:QZP40_HALKIRK_060111_012ATUAIRISGEUL:Duilleag 12A de leabhran leis an tiotal 'Ye Booke of Halkirk - A Ross Institute Souvenir' a chaidh fhoillseachadh ann an 1911.
Lòn Creige Dhirlot air a thogail bho mhullach Peel air an duilleig seo. Chaidh Caisteal Dhirlot a thogail anns a' chiad leth den 14mh linn le Sir Reginald Cheyne. Ged a tha a' mhòr-chuid de chaistealan ann an Gallaibh air an oirthir, tha Caisteal Dhirlot mu 20 mìle a-staigh san tìr, ann am meadhan Dùthaich nan Sruth - boglach a tha a' gluasad fad na tìde.
Chaidh an caisteal a thogail air creig a tha ag èirigh faisg air 50 troigh (15 meatair) ann an Abhainn Inbhir Theòrsa. Tha a' chreag dlùth air lùb san abhainn ri taobh lochan domhainn far a bheil ionmhas air a dhìon le each-uisge fiadhaich, a rèir aithris.
B' e daingneachd bheag a bh' ann, 's dòcha airson beagan shaighdearan a chumail seach a bhith airson dìon. Bha an tùr mu 60 troigh a dh'àirde (18 meatair) le trì stòraidhean. Bha e air a chleachdadh le teaghlach Cheyne, teaghlach Ghuinne, teaghlach MhicAoidh is na Sutharlanaich, mus deach cùl a chur ris mu 1660. Bha clachan on togalach air an cleachdadh ann am pròiseactan eile san sgìre, mar balla a' chlaidh faisg air làimh.
B' e togalach a chaidh a thogail bho thùs le Iain Ros, a chaidh air adhart gu bhith na Ridire Iain Ros à Dunedin, Sealan Nuadh, a rugadh ann an Gerston, Hacraig, san t-Samhain 1834 a bh' ann an Institiud Rois. Chaidh fhosgladh sa Mhàrt 1912 le a mhac bu shine, Iain Sutharlanach Ros. Thug e mar thiodhlac e do shluagh na Paraiste ann an 1913, Chaidh a nuadhachadh air fad ann an 1997, agus chaidh ath-fhosgladh le iar-ogha, Uilleam Tòmas Fearghas Ros, à Dunedin, air 30 An Lùnastal 1997.
'S e baile beag suidhichte sia mìle gu deas air Inbhir Theòrsa ann an Gallaibh a th' ann an Hacraig.
'S e ainm Lochlannach le tùs eaglaiseil a th' anns an ainm-àite Hacraig. Chithear e mar Ha-kirkju sna seann sgeulachdan Lochlannach, agus mar Haukirc agus Haukyrc ann an sgrìobhainnean Laidinn bhon treas linn deug, agus 's e Hacraig a chanas na Gàidheil ris gus an latha an-diugh. 'S e am facal Lochlannach airson 'eaglais' a th' anns a' mhìr mu dheireadh gun teagamh agus thathas an ìre mhath cinnteach gur e seo a' chiad mhìr ach le dreach boireannta air 'Ha' bhon bhuadhair Lochlannach a' ciallachadh 'àrd'. Le seo, tha Hacraig a' ciallachadh 'Àrd Eaglais', ach chan eil fhios le cinnt carson. Feumaidh gun tug Hoy, ainm-àite glè fhaisg air, a tha cuideachd a' ciallachadh 'àrd', ainm dhan eaglais, agus gu bheil an t-ainm Hoy am falach anns an ainm HacraigÀITE:HacraigSIORRACHD/PARRAIST:GALLAIBH: HacraigDEIT:1911LINN:1910anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Ye Booke of Halkirk, 1911ID Maoin:37834KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath