Sràid na Bruaich, Inbhir Nis

Sràid na Bruaich, Inbhir Nis

Dearbh-aithne: QZP40_INV_MISC_PHOTO_004_RR TUAIRISGEUL: Sràid na Bruaich agus oisean Lanaig a' Bhanca ann an Inbhir Nis. 'S e Oifis an Inverness Courier a bha san togalach air an oisean o 1838 gu ruig beagan bhliadhnaichean air ais. An-diugh tha luchd-reic thaighean ann, Strutt is Parker. Chaidh na togalaichean a bha ri a thaobh a leagail ann an 1968 gus an gabhadh àrd-oifis Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a chur ann. An-diugh san ionad sin tha taighean prìobhaideach, taighean-bìdh is taighean-seinnse. Tha Caisteal Inbhir Nis, a chaidh a thogail eadar 1833 agus 1836, air an làimh dheis. Shìos fon chaisteal chithear na togalaichean ùra de chruadhtan a chaidh a thogail tràth sna 1960an ann an ath-thogail de Shràid na Drochaid ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath CREATOR (AV): Robert Reid DEIT: 2008 LINN: 2000an NEACH-FIOSRACHAIDH: Robert Reid ID Maoin: 37859 KEYWORDS_GAELIC: