Sràid na Drochaid, Inbhir Nis

Sràid na Drochaid, Inbhir Nis

Dearbh-aithne: QZP40_INV_MISC_PHOTO_005_CM TUAIRISGEUL: Bonn Sràid na Drochaid, Inbhir Nis. San togalach air an làimh chlì an-diugh tha bùth-reic, taigh-seinnse agus taighean-bìdh, ach roimhe sin 's e làrach Taigh na Banrigh Màiri a bh' ann, a chaidh a leagail ann an 1968. Bha Màiri, Banrigh na h- Alba, a' fuireach ann ann an 1562 agus an t-arm aice a' toirt ionnsaigh air a' chaisteal. Beagan sìos Sràid na Drochaid tha stìopall Bhaile Inbhir Nis. 'S e an stìopall fhèin na tha air fhàgail de thogalach bhùth-chìsean a chaidh a thogail ann an 1791 aig cosgais £3,400 gu lèir. Air a thogail leis an ailtire Uilleam Sibbald à Dun Èideann tha an stìopall 130 troigh a dh'àirde agus ged a chaidh a lùbadh gu dona le crith-talmhainn ann an 1816, chaidh a dhèanamh dìreach a-rithist beagan bhliadhnaichean às dèidh sin. ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath CREATOR (AV): Clare Mclean DEIT: 2008 LINN: 2000an NEACH-FIOSRACHAIDH: Clare Mclean ID Maoin: 37861 KEYWORDS_GAELIC: