Àite na Malairt is Sràid na Drochaid, Inbhir Nis

Àite na Malairt is Sràid na Drochaid, Inbhir Nis

Dearbh-aithne: QZP40_INV_MISC_PHOTO_014 TUAIRISGEUL: Àite na Malairt is Sràid na Drochaid ann an Inbhir Nis. 'S e na bùithtean air an taobh dheas: Taigh Cairngorm, seudairean, agus bùth tombaca. Bha an leabharlann poblach agus an taigh-tasgaidh beagan na b' fhaide sìos. Chaidh a' phàirt seo de mheadhan a' bhaile a thogail às ùr tràth sna 1960an agus chaidh na togalaichean a chithear an seo a leagail. Chaidh togalaichean ùra chruadhtain a chur nan àite. Am measg nan leasachaidhean ann an sgìre Sràid na Drochaid anmoch sna 1950an is tràth sna 1960an bha leagail seann Drochaid chrochte Abhainn Nis agus togail de dhrochaid ùr chruadhtain na h-àite. Chaidh togalaichean les an ainm Caisteal Tholmaidh, air Rathad a' Chaisteil, a leagail cuideachd gus àite a dhèanamh dhan drochaid ùir agus chaidh ath-thogail a dhèanamh air Àite na Malairt gus Sràid na Drochaid a leudachadh do thrafaig am meadhan a' bhaile ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath LINN: 1950an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Views of Inverness, 1950s/1960s ID Maoin: 37865 KEYWORDS_GAELIC: