Leabharlann Poblach, Inbhir Theòrsa

Leabharlann Poblach, Inbhir Theòrsa

Dearbh-aithne: QZP40_LIBRARY_004 TUAIRISGEUL: Chaidh an togalach air Caolraid Davidson anns a bheil an Leabharlann Poblach a-nis a dhealbhadh le W Warner Scott à Dùn Èideann mar sgoil do bhalaich air an robh Institiùd Miller agus an uair sin Acadamaidh Miller. Chaidh Institiùd Miller, a chaidh a stèidheachadh le Alasdair Miller, a thogail eadar 1859 agus 1862. Bha Miller, a bha à Inbhir Theòrsa, na mhalairtiche agus an uair sin na thuathanach. Fhuair e dìleab mhòr bhon uncail aige a bha na mhalairtiche ann an Ameireagaidh a Deas agus chleachd e cuid den airgead seo gus Institiùd Miller a stèidheachadh. Bha an Dr Urr Alasdair Miller, ministear Eaglais Shaor Aonaichte a deas Bhucaidh ann am Banbh, a bha na mhac-bràthair-seanar aig Miller cuideachd na thabhartair don Institiùd. Chaidh baile Inbhir Theòrsa a dhèanamh na bhorgh baranach ann an 1633. Ann an 1719 fhuair Clann na Ceàrdaich à Ulbastair sealbh air borgh agus fearainn Inbhir Theòrsa, agus ann an 1798 bha 'baile ùr' air a dhealbhadh, an cois borgh nam meadhan linntean a bh' ann mar-thà, le Sir Iain Mac na Ceàrdaich (1754-1835), neach-àiteachais agus neach-ionmhais. Thòisich togail a' bhaile ùir seo mu 1800. Chaidh na sràidean a dhealbh ann an cumadh òrdail mar chliath, gu math diofraichte bho na seann shràidean faisg air Bàgh Inbhir Theòrsa. Ann an 1812 sgrìobh an Caiptean Iain MacEanraig na 'General View of the Agriculture of the County of Caithness' gun robh... "The New Town on Thurso was planned...according to the most regular plan that could be contrived and in a manner not only ornamental but also positively well adapted for preserving the health & promoting the convenience of the Inhabitants". ÀITE: Inbhir Theòrsa SIORRACHD/PARRAIST: GALLAIBH: Inbhir Theòrsa DEIT: Dàmhair 1993 LINN: 1990an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries Past & Present ID Maoin: 37898 KEYWORDS_GAELIC: