Caisteal Dhùn Robain

Caisteal Dhùn Robain

Dearbh-aithne: QZP40_U_172_P022 TUAIRISGEUL: Tha Caisteal Dhùn Robain mu mhìle a tuath air Goillspidh. 'S e cathair shinnsireil Iarlan is Diùcan Chataibh a th' ann. 'S ann o mu 1275 a tha am pàirt as sine den chaisteal, a rèir coltais. Chaidh pàirtean ann an cruth 'L' a chur ris an dà thaobh eadar 1672 is 1682. Chaidh mòran ath-dhealbhadh eile a dhèanamh air eadar 1845 is 1851 le Sir Teàrlach Barry, a chruthaich cumadh sgeul-sithiche Frangach a' chaisteil. Rinn teine milleadh air a' chaisteal ann an 1915 nuair a bha e ga chleachdadh mar ospadal armailteach is rinn Sir Raibeart Lorimer ath-dhealbhadh den taobh a-staigh. Bha droch-chliù aig an teaghlach Sutharlanach aig àm 1mh Diùc Chataibh, Seòras Granville Leveson-Gower (1758-1833). Bha esan a' creidsinn nach b'urrainn do dh'fhearann Chataibh mòran tuathanachais a chumail suas fad ghreis mhòir. Dh'fhuadaich e màladairean o thaobh a-staigh na tìre is chuir e iad dhan oirthir. Chaidh iomadh teaghlach eile dh'Aimearagaidh a Tuath nan eilthirich. Bha fuadaichean Chataibh air an dèanamh ann an dòigh cho brùideil is cho cruaidh 's gum bheil an Diùc is na bàillidhean aige air an cuimhneachadh le fuath is dìmeas. Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Remarkable Ruins and Romantic Prospects', le Teàrlach Cordiner (1788) ÀITE: Caisteal Dhùn Robain SGÌRE: Goillspidh, Raoghard agus An Luirg SIORRACHD/PARRAIST: CATAIBH: Goillspidh DEIT: 1788 LINN: 1780an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Remarkable Ruins and Romantic Prospects ID Maoin: 38323 KEYWORDS_GAELIC: