Clann-nighean an sgadain, Steòrnabhagh

Clann-nighean an sgadain, Steòrnabhagh

Dearbh-aithne: QZP99_92052_03_05 TUAIRISGEUL: Buidheann de bhoireannaich a' cutadh èisg air a' Mhol a Deas, Steòrnabhagh. Chaidh na togalaichean sa chùl an aithneachadh o chionn greiseag. Chaidh an togalach dhan fhìor dheas, Taigh a' Mhoil/ Beach House, a leagail sna 1950an agus togalach ùr a thogail ann ann an 1958 - Oifisean Comhairle Siorrachd Rois is Chrombaigh, an-diugh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar. B' e an togalach beag sa mheadhan, a chaidh a leagail mu 1957, bùth-èisg Ùisdein MhicCoinnich. B' e taigh-saillidh èisg a bha san togalach dhan taobh chlì, a chaidh a leagail cuideachd mu 1957 agus ath-thogail às dèidh sin. Tha ionad rùmannan-ionnlaid an-diugh san àite. Tha an dealbh seo a' sealltainn bhoireananch a' sgoltadh èisg ann an Steòrnabhagh. Bha na boireannaich seo, 'Clann-nighean an Sgadain', a' leantainn bàtaichean an sgadain mu chost Bhreatainn gach bliadhna. Bha iad ag obair ann an sgiobaidhean de thriùir, dithis a' sgoltadh is te a' cur an sgadain ann am baraillean. Bha an sgadan air a chur ann an amaran mòra fiodha air an robh 'farlans'. Bhiodh an luchd-sgoltaidh a' glanadh an èisg le aon bhuille den sgithinn. B' urrainn don mhòrchuid de bhoireannaich mu 40 iasg a sgoltadh gach mionaid, ach bha cuid fiù 's nas luaithe na seo. Bha an t-iasg a' dol ann am baraillean a rèir meud is bha tuathanaich a' cleacdhadh nam mionaich mar thodhar. Bha am beatha is an obair duilich. Bha sgioba a' siubhal, ag obair is a' fuireach còmhla fad an t-sèasain. Bha an là-obrach fada, ag obair air cidheachan fosgailte. Bha na boireannaich a' cur pìosan cotain no sac mu na corragan aca gus an dìon o na sgeinnean. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Steòrnabhagh SGÌRE: Leòdhas SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Steòrnabhagh NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38404 KEYWORDS_GAELIC: