A' càradh mullach taighe, Poll Iùbh, 1890

A' càradh mullach taighe, Poll Iùbh, 1890

Dearbh-aithne: QZP99_93033_02_03 TUAIRISGEUL: Tha clann, cuid dhiubh cas-rùisgte, a' coimhead fhad 's a tha mullach an taighe aca air a chàradh. Bha mullach tughaidh air frèam fiodh a bh' air ballachan a' bhothain. Bha tughadh saor is aotrom, is mar sin cha robh e a' cur cus cuideam air na ballachan. Chaidh fòd le fraoch a chuir air an fhrèam is tughadh air muin sin. Bha e air a chumail le seann lìon-iasgaich no ròpa ceangailte ri clachan mòra ga chumail shìos. Bha connlach eòrna air a mheas mar an stuth a b' fheàrr airson an tughaidh. Bhiodh fraoch, feur na mòintich, luachair, conasg is raineach cuideachd gan cleachdadh. Bha tughadh ùr a' dol air an taigh gach bliadhna anns a' mhòrchuid a dh'àitichean. Ann an sgìrean fosgailte, agus gu h-àraid gu deas is dhan iar, bhiodh an tughadh glè thric air a cheangal sìos le slatan air an cur nan laighe thairis air a' mhullach. San dealbh seo, tha am mullach gu lèir air a cheangal le sreathan tarsainn de shlatan aig an aon astar bho chèile. Bha slatan calltainn glè thric air an cur gu feum agus bhiodh iad ceangailte le lùban fada de mheanglain calltainn air an sgoltadh 's air an toinneamh. Bha an seann tughadh glè thric air a chleachdadh mar thodhar. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Poll Iùbh SGÌRE: Geàrrloch SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Geàrrloch DEIT: 1890 LINN: 1890an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38415 KEYWORDS_GAELIC: