Dearbh-aithne:QZP99_93134_05_03TUAIRISGEUL:Sealladh eireachdail on adhar air Ulapul air tràigh Loch Bhraoin an taobh an Iar na h-Alba. Chaidh am baile a dhealbhadh le Tòmas Telford do Chomann Iasgach Bhreatainn ann an 1788 ach an coisneadh iad às an leudachadh ann an gnìomhachas iasgach an sgadain. Ach cha do sheas seo seachad air na 1830an nuair a thuit an t-iasgach bhuaithe. Anns an 20mh linn, ge ta, lorg Ulapul àite ùr dha fhèin san iasgach mar a thòisich bàtaichean on chost an ear a' tighinn ann mar chala sàbhailte san iar. Thàlaidh seo cuideachd soithichean factaraidh on Roinn Eòrpa an Ear, agus thàinig cuideachd port-deiridh do dh'aiseag Steòrnabhaigh.
Tha an sgìre mu Ulapul ainmeil airson a chuid àiteachan tlachdmhor do shreapadairean agus luchd-coiseachd nam beann. Chithear Beinn Ghobhlach san dealbh seo. Tha a' bheinn na seasamh air rubha eadar Loch Bhraoin agus Loch Bhraoin Bheag agus tha 2083tr a dh' àirde innte.
Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth.ÀITE:UlapulSGÌRE:Loch BhraoinSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Loch BhraoinNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn ÈideannCRUINNEACHADH:I F Grant Photographic ArchiveID Maoin:38442KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath