Riasg Buidhe, Colbhasaigh

Riasg Buidhe, Colbhasaigh

Dearbh-aithne: QZP99_93134_05_06 TUAIRISGEUL: Mun cuairt air Eilean Cholbhasaigh tha iomadh clachan fàs, a chaidh fhagail bàn as dèidh nam fuadaichean agus tuiteam bhuaithe an iasgaich. 'S e seo fear de na clachain sin, Riasg Buidhe, far an robh daoine a' fuireach gu 1918 ach far nach eil ann ach tobhtaichean an-diugh. Tha Eilean Cholbhasaigh na phàirt de dh'Innse Ghall A-staigh a tha far chosta an Iar na h-Alba. Tha Eilean Mhuile na laighe gu tuath agus tha Ìle agus Diùra gu deas. Nuair a tha an làn a-muigh tha Colbhasaigh ceangailte ri eilean beag Orasaigh agus còmhla tha mu dheich mìle de dh'fhaid annta agus mu dhà mhìle de leud. 'S ann aig na Dòmhnallaich, na Caimbeulaich agus Clann 'ic Nèill a bha an t-eilean roimhe agus chaidh a cheannach ann an 1905 leis a' chiad Mhorair Shrathcona. Tha lorg ann air daoine a' fuireach air an eilean gu math tràth an eachdraidh agus chithear lorg air dùintean agus daingneachdan à Linn an Iarainn. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Riasg Buidhe SGÌRE: Diùra agus Colbhasa SIORRACHD/PARRAIST: EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38444 KEYWORDS_GAELIC: