A' gearradh na mònach airson teintean a' gheamhraidh, Hoy

A' gearradh na mònach airson teintean a' gheamhraidh, Hoy

Dearbh-aithne: QZP99_93134_06_04 TUAIRISGEUL: Chaidh an dealbh seo a thogail air Hoy, an dàrna eilean as motha sna h-eileanan Arcach anmoch sna 1880an. Tha boireannach a' giùlan mhòine ann an cliabh air a druim. Bha mòine air a cleachdadh mar chonnadh air fad Eileanan is Gàidhealtachd na h-Alba. Bha a' bhuain a' tòiseachadh as t-Earrach gus am biodh tiormachadh gu leòr ann as t-samhradh. Chaidh fàdan mar bhriogaichean a ghearradh on pholl mhònach agus chaidh an sgaoileadh a-mach gus an tiormaicheadh iad. An ceann dà sheachdain no mar sin bhiodh iad tioram gu leòr airson an cur ann an coilleagan beaga far an tiormaicheadh iad barrachd. Mu dhà sheachdain an dèidh sin bhiodh iad air an tionndadh gus an tiormaicheadh an taobh shìos agus bha iad air an càrnadh ann an cruachan na bu mhotha. Nuair a bhiodh iad buileach tioram bhiodh iad air an togail ann an cruach mhònach a bha air a chruthachadh gus nach leigeadh e a-steach uisge agus a bhiodh làidir gu leòr seasamh ris na stoirmean. San àbhaist chleachdadh teaghlach mu 15,000 fàdan de mhòine sa bhliadhna. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Hoy LINN: 1880an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38454 KEYWORDS_GAELIC: