Taigh-tughaidh, Àird Mhèar

Taigh-tughaidh, Àird Mhèar

Dearbh-aithne: QZP99_93134_06_10 TUAIRISGEUL: Dealbh-camara tràth dubh is geal de thaigh-tughaidh ann an Àird Mhèar faisg air Ulapul. 'S e Cailean Mac 'IllEathain a bha a' fuireach ann gus an do bhàsaich e ann 1980. 'S e Àird Mheur (an-diugh Àird Mhèar) a th' air a' bhaile sa Ghàidhlig agus 's e baile beag tràghad croitearachd a th' ann. Na laighe air cost an iar-thuath na h-Alba, beagan mhìltean gu tuath air baile mòr sgìreil Ulapuil, tha e ann an dùthaich gharbh de lochan-mara agus beanntan creagach. Tha seallaidhean àlainn air na h-Eileanan Samhraidh rim faicinn o Rubha Àird Mhèar. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Ulapul SGÌRE: Loch Bhraoin SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Loch Bhraoin NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38460 KEYWORDS_GAELIC: