Baile croitearachd aig Hogha Gearraidh, Uibhist a Tuath

Baile croitearachd aig Hogha Gearraidh, Uibhist a Tuath

Dearbh-aithne: QZP99_93134_07_09 TUAIRISGEUL: Baile croitearachd Hogha Gearraidh air costa siar Uibhist a Tuath. Chan e taighean a th' ann an croitean ach pìosan beaga fearainn. Thòisich an siostam croitearachd mar as aithne dhuinn an-diugh e ri linn nam Fuadaichean air Ghàidhealtachd. Bhiodh iomadh teaghlach ann am baile croitearachd agus bhiodh iad ag obrachadh an aon talaimh croitearachd. Bha am fearann air a chur a-mach fo shiostam roinn-ruithe far am faigheadh gach croitear pìosan fearainn fada caol. Bha na pìosan seo air an riarachadh gach bliadhna ach am biodh am fearann math agus dona air a cho-roinn gu cothromach. Cha do bhrosnaich an siostam seo leasachadh air an talamh agus chaidh siostam lotaichean a chur na àite far an robh gach croitear a' faighinn a lot fhèin. Rinn na h-uachdarain lotan beaga a dh'aon ghnothaich gus gum feumadh na màladairean obair a bharrachd a ghabhail bhon uachdaran. Chaidh suidheachadh nan croitearan am miosad agus mu dheireadh chaidh Coimisean Napier a chur air bhonn gus rannsachadh a dhèanamh; às a seo thàinig Achd nan Croitearan 1886. Thug an t-Achd seo còir-gabhaltais do chroitearan agus thàinig piseach air suidheachadh nam bailtean croitearachd. Cho math ris a phìos fearainn fhèin bha còir aig gach croitear a chuid sprèidh a chur air an fheurach choitcheann. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Hogha Gearraidh SGÌRE: Uibhist a Tuath SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Uibhist a Tuath NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38469 KEYWORDS_GAELIC: