Dearbh-aithne:QZP99_93134_07_10TUAIRISGEUL:Tha Eilean Bheàrnaraigh ann an Caolas na Hearadh eadar Uibhist a Tuath agus na Hearadh. (Tha Beàrnaraigh eile ann aig fìor cheann a deas nan Eileanan Siar). Tha iomadh eilean ann an Caolas na Hearadh ach is e seo an aon fhear aca air a bheil sluagh fhathast. Tha seirbheis aiseig air a bhith aige bho 1705 nuair a cheannaich Leòdaich na Hearadh, leis an robh an t-eilean, bàta agus nuair a dh'fhastaidh iad neach-aiseig, Lachlann MacIlleathain. Bha an aiseag seo na ceangal eadar eileanan beaga a' chaolais, na Hearadh agus an t-Eilean Sgitheanach. Bha muinntir Bheàrnaraigh an sàs ann an obair na ceilpe ach às dèidh crìonadh a' ghnìomhachais, bha muinntir an àite an eisimeil a' bhuntàta. Tha a' mhòr-chuid air an eilean ag obair ann an tuathanachas chaorach is iasgach anns an latha an-diugh.
Rè an fhicheadamh linn, thuit àireamh an t-sluaigh bho os cionn 500 gu mu 140, àireamh an t-sluaigh anns an latha an-diugh. Tha Beàrnaraigh a-nis air a cheangal ri Uibhist a Tuath le cabhsair a dh'fhosgail ann an 1999, agus ris na Hearadh le aiseag chàraichean. Tha e nas fhasa faighinn dhan eilean a-nis, an dà chuid do luchd-turais agus do mhuinntir an àite mar thoradh air seo.
Tha na taighean anns an dealbh seo nan deagh eisimpleir de thaighean den t-seòrsa a chithear air feadh nan Eilean Siar.
Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth.ÀITE:BeàrnaraighSGÌRE:Na HearadhSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Na HearadhNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn ÈideannCRUINNEACHADH:I F Grant Photographic ArchiveID Maoin:38470KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath