Dearbh-aithne:QZP99_93154_04_12TUAIRISGEUL:Mòr Bean Aonghais Bhig (Mòr Ruadh Chaimbeul) a’ snìomh le cuibheall-shnìomh Saxony.
Bha dà sheòrsa ann - a' chuibhle mhòr 'muckle' is a' chuibhle 'Shasannach' ('saxony'). Bha a' chuidhle thràth, an tè mhòr gu math sìmplidh. Bha bann a' ceangal na cuibhle mhòir ri dealgan beag (b' e pìos iarainn a bha seo mar bu thrice) is bha a' chlòimh ceangailte ri seo. Bhathas a' tionndadh na cuidhle gu slaodach le aon làimh agus a' cumail is a' toinneamh na clòimhe leis an làimh eile, is bha seo a' toirt air an dealgan tuilleadh clòimhe a tharraing on phasgan. Ghabhadh a' chuibhle a thilleadh an taobh eile agus thogadh an dealgan a' chlòimh a bh' air a snìomh.
Thàinig a' chuidhle Shasannach na h-àite mu dheireadh, is bha mòran bhuannachdan an seo. Bha I na bu lugha, is bha am bann a' tionndaidh boban a bharrachd air an dealgan a-mhàin. Mar seo, dh'fhaodadh a' chlòimh a thoinneamh fhad 's a bha e air a thionndadh air a' bhoban. Bha a' chuidhle seo air a h-oibreachadh le seòl-coise, is mar sin gheibheadh duine air oibreachadh na shuidhe.
Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth.ÀITE:neo-aithnichteCREATOR (AV):Margaret Fay ShawNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn ÈideannCRUINNEACHADH:I F Grant Photographic ArchiveID Maoin:38505KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath