Dearbh-aithne:QZP99_93154_06_01TUAIRISGEUL:Boireannach na suidhe a' snìomh taobh a-muigh an taighe aice. Bha uinneagan ann an taighean-croite beag is cha robh mòran solais a' faighinn a-steach, is mar sin bhiodh na boireannaich a' dèanamh mòran den obair mun dachaigh a-muigh.
Mus deach aodach a dhèanamh o chlòimh, bha ri snìomh is snàth a dhèanamh. Bha seo air a dhèanamh le dealgan, maide le cudthrom air a bha a' sìneadh na clòimhe agus ga toinneamh na shnàth. 'S e obair-làimhe a bh'ann a bha a' toirt gu math fada, ach gheibheadh iad air a dèanamh ann an àite sam bith. Cha robh cuibhlichean-shnìomh air an cleachdadh sa Ghaidhealtachd gu tràth san 19mh linn. B' e cuidhle mhòr air a tionndadh le làimh a bh'anns a' chuidhle 'muckle', is bha aig an neach a bha a' snìomh ri coiseachd air ais is air adhart gus snàth a dhèanamh den chlòimh is an snàth a chur air dealgan. Bha a' chuidhle Shasannach cumanta an dèidh 1850. Bha I air h-obrachadh le na casan is bha i fada nas luaithe.
Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth.ÀITE:Uibhist a TuathSGÌRE:Uibhist a TuathSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Uibhist a TuathNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn ÈideannCRUINNEACHADH:I F Grant Photographic ArchiveID Maoin:38515KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath