Dearbh-aithne:QZP99_93154_07_12TUAIRISGEUL:Anns an t-17mh linn, rinneadh a-mach gum faighiste sòda agus potais bho fheamainn loisgte. Tha na ceimigich sin glè chudromach gus siabann is glainne a dhèanamh.
An dèidh a buain, bha an fheamainn ga giùlan suas bhon chladach agus air a tiormachadh air a' mhachaire. Bha I air a losgadh an uair sin ann an claisean mòra còmhdaichte gu tric le cloich (no slocan cruinne ann an Arcaibh) eadar ceithir agus ochd uairean. Bhuaileadh na fir an fheamainn an uair sin gu bhith na pronnach le fairchean ceilpe (fairchean le làmhan fada orra no cromagan). Bha I air a fàgail a-muigh air an oidhche gus a fuarachadh, as dèidh a còmhdachadh le clachan is mòine, airson a dìon I bho thaiseachd. An ath latha, bhriseadh iad na pìosan luatha bhon cheilp nam mìrean agus rachadh an cur air soitheach gu Leite, Dùn Bhreatainn, Glaschu, An Caisteal Nuadh, Liverpool no Bristol.
Dh'fhàs uachdarain glè bheartach air an dòigh seo. Ann an airgead an latha an-diugh, bhiodh seachd millean nota gu leth de luach ann gach bliadhna do dh'Innse Gall. Bha e cho buannachdail gum biodh uaireannan a h-uile duine air iomadh oighreachd ri obair na ceilpe, le fìor dhroch bhuaidh air an talamh. Chaidh an gnìomhachas seo cha mhòr à bith trath san 19mh linn nuair a lorgadh potais ann an Stassfurt, sa Ghearmailt. Dh'fhàs cùisean na b'fheàrr greis nuair a lorgadh dòigh air aidhiodain a thoirt à luath ceilpe, ach cha do mhair seo fada. Ann am meadhan an 20mh linn, cha robh ach corra àite anns na h-Eileanan Siar an sàs ann. Dh'ainmich aithisg riaghaltais ann an 1954 mu staid na croitearachd nach robh ach 133 daoine an sàs ann an obair na ceilpe ann am Beinn na Fadhla is Uibhist a Deas. As dèidh seo, ghluais obair na ceilpe gu àiteachan eile.
Bhathar a' cruinneachadh feamainn airson todhar cuideachd, leis mar a tha I beathachail agus alcaileach. Tha I mar sin, air leth feumail airson an t-seòrsa ùir a gheibhear ann an Alba. Tha na h-uimhir de ghnìomhachasan beaga an-dràsta a' cleachdadh feamainn Alba ann a bhith a' dèanamh biadh agus cosmeataigs.
Chan eil fios le cinnt cuin a chaidh an dealbh seo a tharraing ach chlàradh ileis a' chlo-bhualadair Valentine ann an 1889.
Tha an tasglann as motha de sheallaidhean-tìre dubh is geal le James Valentine & Co air a chumail ann an Leabharlann Oilthigh Chill Rimhinn.
Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth.ÀITE:ArcaibhCREATOR (AV):J Valentine & Co.DEIT:1889 (c.)LINN:1880anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn ÈideannCRUINNEACHADH:I F Grant Photographic ArchiveID Maoin:38525KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath