Snìomh agus càrdadh

Snìomh agus càrdadh

Dearbh-aithne: QZP99_93154_09_07 TUAIRISGEUL: Tha am boireannach air an làimh dheis a' cleachdadh cuibhle Saxony agus tha pàidhir de bhùird-fhiodha aig an tè eile gus an rèitich i a' chlòimh. 'S e seo obair leis an ainm 'càrdadh'. 'S e a' chuibhle Saxony a tha fhathast air a cleachdadh airson snìomh-làimhe. Thàinig i an àite na cuibhle mòir ('muckle wheel') a bha gu math sìmplidh na dealbhadh agus a dh'fheumadh barrachd obair on neach-cleachdaidh. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: neo-aithnichte CREATOR (AV): I F Grant NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38539 KEYWORDS_GAELIC: