Innealan bualadh

Innealan bualadh

Dearbh-aithne: QZP99_93154_10_01 TUAIRISGEUL: Calum agus Catrìona NicPhàdraig le innealan bualaidh. Bha arbhar ga bhualadh gus an sìol agus a' chonnlach a sgaradh. Bha e air a dhèanamh le inneal-làimhe ris an canaiste sùist. Bha an t-sùist air a dèanamh air dà phìos de dh'fhiodh cruaidh mu cheithir troighean a dh'fhaid is iad ceangailte ri chèile. Bhiodh a' chonnlach air a toirt às agus dheaghadh an gràn a chruinneachadh gus a bhleith na mhin. Mar bu trice 's e a' bhàthach a bhiodh iad a' cleachdadh airson bualadh, ach dh'fhaodaist a dhèanamh a-muigh ri sìde mhath. Rinn innleadair Albannach, Andrew Meikle, inneal-bualaidh mu 1790 ach bha a' mhòrchuid a' cleachdadh na sùiste fad bhliadhnachan an dèidh sin. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: neo-aithnichte CREATOR (AV): Margaret Fay Shaw NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38544 KEYWORDS_GAELIC: