Dearbh-aithne:QZP99_94032_01_05TUAIRISGEUL:Dh'fhàs am buntàta cumanta anns a' Ghaidhealtachd anns an 18mh linn. Bha e a'cur dheth barrachd bàrr na a' mhòrchuid de rudan eile agus ann an 1800 b' e am buntàta 80% dhen bhiadh anns a' Ghaidhealtachd. Anns na 1840an ghais am buntàta agus bha aig tòrr ri eilthireachd a dhèanamh mus bàsaicheadh iad leis an acras.
Mar bu trice bha am buntàta air a chur ann am feannagan. B' iad seo imirean a bha air an togail de dh'fheamainn, todhar, aolach agus ùir mu mheatair a leud. Bha feannagan a' ciallachadh gun robh àite torach ann airson a' bhuntàta agus dh'fhàs iad glè mhath annta. Tha an dealbh seo a' sealltainn croitear agus a' bhean a' cur bhuntàta ann an Sgonnsair anns an Eilean Sgitheanach. Bha am buntàta cho cudromach agus gum biodh clann gu tric a' fuireach dhachaigh bhon sgoil airson cuideachadh ga chur agus ga thogail.
Ged nach eil fios air a' cheann-là cheart, chaidh an dealbh a chlàradh leis an fhoillseachar, Valentine, ann an 1890.
Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth.ÀITE:Uibhist a DeasSGÌRE:Uibhist a DeasSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Uibhist a DeasCREATOR (AV):Margaret Fay Shaw CampbellNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn ÈideannCRUINNEACHADH:I F Grant Photographic ArchiveID Maoin:38549KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath