Dearbh-aithne:QZP99_94032_03_10TUAIRISGEUL:Tha an dealbh seo a' sealltainn buidheann ag obair aig poll-mòna san Eilean Sgitheanach. Bha mòine air a cleachdadh mar chonnadh air feadh na Gaidhealtachd is nan Eilean. Bha I air a buain ann am poll-mòna, aig toiseach a' Chèitein mar bu trice, gus a' mhòine fhaighinn tioram san t-samhradh. Bha a' mhòine ga buain ann am fàdan is air a fàgail a' tioramachadh airson suas ri trì seachdainean. An dèidh seo, bha iad air an cruinneachadh ann an coilleagan beaga airson seachdain no dhà, mus deaghadh an tionndadh gus am biodh am bonn tioram cuideachd.
Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth.ÀITE:neo-aithnichte (An t-Eilean Sgitheanach)SGÌRE:An t-Eilean SgitheanachSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NISNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn ÈideannCRUINNEACHADH:I F Grant Photographic ArchiveID Maoin:38564KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath