Dearbh-aithne:QZP99_94052_07_06TUAIRISGEUL:'S ann on chruinneachadh aig an neach-eachdraidh is an neach-dualchais, Iseabail F. Ghrannd, a thàinig an dealbh seo agus chithear ann Taigh-tughaidh air Eilean Bharraigh. San leabhar 'Highland Folk Ways', tha I F Ghrannd ag innse mu na taighean a bh' aig daoine air a' Ghàidhealtachd agus mu na dòighean eadar-dhealaichte san deach an togail.
San taigh seo chithear dòighean togail a tha coltach ri dà stoidhle air an do chuir I F Ghrannd stoidhle 'An Eilein Fhada' no o Innse Gall a-muigh, agus cuideachd stoidhle na Gàidhealtachd an Ear is a' Mheadhain. Bhiodh an dà dhòigh togail glè thric a' tighinn an ceann a chèile ann an togalaichean na Gàidhealtachd. Coltach ris an t-seòrsa 'An t-Eilean Fada', tha oiseanan cruinn air an taigh seo a leigeadh seachad a' ghaoth. Coltach ris an fheadhainn air taobh an ear is meadhan na Gàidhealtachd tha am mullach tughaidh a' stobadh a-mach beagan thairis air ballachan an taighe. Bha an seòrsa cunbhalach 'An t-Eilean Fada' air a thogail le balla dùbailte agus air a lìonadh le ghainmheach no ùir eatarra (an glutadh), agus am mullach na laighe air mullach a' bhalla a-staigh.
Tha tughadh an taighe seo a' sealltainn an t-seòrsa stoidhle 'Long Island'. Air na h-eileanan an Innse Gall a-muigh 's e connlach no muran mar bu trice a bhiodh air an cleachdadh airson an tughaidh. Chaidh an tughadh seo a cheangal sìos le ròpan is clachan troma orra, a chithear mu oirean a' mhullaich san dealbh seo. Chithear dà mhaide a' putadh suas tron tughadh gach ceann den mhullach. 'S e 'Maide Feannaig', no 'raven's stick', a bhiodh aca orra seo. Bhiodh sìomanan no ròpan an tughaidh aig ceann an taighe an toiseach air an toinneamh mun mhaide 's an uair sin bhiodh iad air an tromachadh le clachan.
Chithear gun deach similear a chur ris an taigh thraidiseanta chinn-chruinn seo. Ghabhadh an uair sin teinntean no stòbha ùr a chur ann.
Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth.ÀITE:BarraighSGÌRE:BarraighSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: BarraighNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn ÈideannCRUINNEACHADH:I F Grant Photographic ArchiveID Maoin:38645KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath