Dearbh-aithne:QZP99_94052_08_06TUAIRISGEUL:Dòmhnaill Urchardainn, am prìomh stalcair air oighreachd Inbhir Iùbh.
Bha stalcaireachd fhèidh cumanta san 19mh linn ach fhuair e cead rìoghail nuair a cheannaich Ban-rìgh Bhioctoria oighreachd Bhaile Mhoireil ann an 1852. Thòisich daoine beartach air oighreachdan Gaidhealach a cheannach no fhaighinn air màl is thog iad loidsichean mòra. Tha feum air mòran sgil is foighidinn airson stalcaireachd fhèidh. Thathar a' leantainn nam beathaichean is a' faighinn àite iomchaidh gu socair airson losgadh orra.
'S ann gu sònraichte airson smachd a chumail air àireamh nam fèidh a thathas a' stalcaireachd an-diugh. Tha na fèidh a tha aosta is lag air an taghadh gus am bi barrachd comais aig an fheadhainn fhalain tighinn beò.
Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth.ÀITE:Inbhir IùbhSGÌRE:GeàrrlochSIORRACHD/PARRAIST:ROS: GeàrrlochNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn ÈideannCRUINNEACHADH:I F Grant Photographic ArchiveID Maoin:38653KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath