Ceann Tangabhal, Barraigh

Ceann Tangabhal, Barraigh

Dearbh-aithne: QZP99_94052_09_04 TUAIRISGEUL: Triùir cloinne chas-rùisgte taobh a-muigh thaighean ann an Ceann Tangabhal ann an Eilean Bharraigh. Tha Ceann Tangabhal na bhaile-fearainn beag faisg air Bàgh a' Chaisteil. Tha ballachan cloiche gun aol agus mullaichean tughaidh air na taighean. Cha robh similear aig an taigh seo agus chaidh an ceò a-mach tron tughadh. Rachadh an seann tughadh a chleachdadh airson todhair gach turas a bhiodh am mullach-tughaidh air ùrachadh. Tha an dealbh seo a’ tighinn bhon chruinneachadh a chaidh a thoirt do Leabharlann Meadhan Dhùn Èideann leis an Dr Iseabail F. Ghrannd. Am measg a’ chruinneachaidh tha dealbhan a chaidh a thogail le grunn luchd-togail dhealbh fa leth. ÀITE: Ceann Tangabhal SGÌRE: Barraigh SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Barraigh DEIT: 1932 LINN: 1930an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann CRUINNEACHADH: I F Grant Photographic Archive ID Maoin: 38660 KEYWORDS_GAELIC: